Follow VisitScotland

SONA AIR AN TRÀIGH

Press Release   •   Jun 07, 2017 11:25 BST

Tha tràighean air leth àlainn – nam measg Losgaintir, Seilebost agus an Tràigh Mhòr – a’ sìor thàladh dhaoine gu Innse Gall, a rèir an Sgrùdadh Luchd-turais as motha a rinn VisitScotland a-riamh.

Chaidh an cunntas a dhèanamh leis a’ bhuidheann turasachd nàiseanta as t-samhradh ann an 2015 agus 2016, le agallamhan gan cumail le 402 neach-tadhail gu Innse Gall, agus fhreagair 167 neach-tadhail ceistean sònraichte mun turas aca chun sgìre ann an sgrùdadh air-loidhne às deidh dhaibh a bhith ann.

Den luchd-fhreagairt sin, thuirt 83 sa cheud de dhaoine gur e tadhal air tràigh a bu trice a rinn iad, agus às an deidh bha 82 sa cheud air a bhith an tòir air seallaidhean ann an car, bus no air an cois (8 sa cheud os cionn ìre cuibheasach nàiseanta) agus thuirt 70 sa cheud gur e a chòrd riutha a bhith a’ gabhail cuairt no ceum goirid (16 sa cheud os cionn ìre cuibheasach nàiseanta).

Tha Innse Gall ri lorg air fìor oir na Roinn Eòrpa agus chithear measgachadh buadhmhoir de dhealbhan-tìre. Chithear beanntan còmhdaichte le fraoch os cionn gainmheach òrail gaothach, agus boglaichean domhainn mònach eatorra. Faodaidh luchd-turais cuairtean fada a ghabhail thairis air gainmheach fìor-gheal agus tlachd fhaighinn bho uisgeachan gorma mara cho fada sa chì an t-sùil.

Dh’ainmich 87 sa cheud den luchd-fhreagairt iomlan gur e seallaidhean agus dealbhan-tìre a bha na phrìomh thàladh dhaibh gu na h-eileanan, agus às deidh sin gur e àite a bh’ann a bha iad an-còmhnaidh airson fhaicinn (59 sa cheud) agus an eachdraidh agus an dualchas (54 sa cheud).

Bha luchd-turais gu Innse Gall air leth adhartach nam beachdan air mar a chòrd na saor-làithean riutha, le 94 sa cheud a’ comharrachadh sgòran de 7-10 air a’ chlàr riarachais, agus dà thrian (67 sa cheud) a’ toirt seachad na h-ìrean as àirde de naoi no deich a-mach à deich.

Thuirt luchd-turais cuideachd gun robh iad gu mòr dualtach an sgìre a mholadh dha caraidean no teaghlach, le 92 sa cheud a’ toirt seachad sgòr eadar 7-10 agus 67 sa cheud a’ taghadh naoi no deich a-mach à deich.

Thuirt Ailean MacCoinnich, Manaidsear nan Eilean aig VisitScotland: “Seach gun deach bruidhinn ri faisg air 12,000 neach-tadhail bho fheadh na dùthcha, is e seo an Sgrùdadh Luchd-tadhail Alba as motha a rinn sinn a-riamh. Tha mi air leth toilichte ach chan eil e a’ cur iongnadh orm, a bhith faicinn gu bheil uimhir de dhaoine a’ tighinn gu Innse Gall a’ measadh nan tursan aca cho àrd. Gheibh a’ ghnìomhachas turasachd sealladh luachmhoir a thaobh suidheachadh ar luchd-tadhail bho bhith faighinn a-mach dè a tha a’ còrdadh ri daoine a tha air saor-làithean san sgìre, agus bi seo gan cuideachadh gus dèanamh cinnteach gu lean sinn oirnn le bhith a’ toirt seachad an t-eòlas as fheàrr do ar luchd-tadhail.”

Gus Sgrùdadh Luchd-turais Alba a leughadh, rach gu

http://www.visitscotland.org/research_and_statistics/visitor_research/all_markets/scotland_visitor_survey.aspx

ENDS

Notes to Editors

  • Follow us on twitter: @visitscotnews
  • VisitScotland is Scotland’s national tourism organisation. Its core purpose is to maximise the economic benefit of tourism to Scotland.
  • The organisation’s core objective is to contribute to the Tourism 2020 Strategy ambition of growing tourism revenues by £1 billion by 2020.
  • This will be supported by five overarching strategies: Marketing, Events, Quality and Sustainability, Inclusive Tourism, International Engagement.
  • The organisation employs 700 people and has offices and VisitScotland Information Centres across Scotland.
  • Spending by tourists in Scotland generates around £12 billion of economic activity in the wider Scottish supply chain and contributes around £6 billion to Scottish GDP (in basic prices). This represents about 5% of total Scottish GDP
  • For VisitScotland’s press releases go to http://www.visitscotland.org/media_centre.aspx, tourism statistics and frequently asked questions go to http://www.visitscotland.org/
  • Where possible, a Gaelic speaker will be made available for broadcast interviews on request (Far an tèid iarraidh, agus far am bheil sin nar comas, bruidhinnidh neach le Gàidhlig aig agallamh)
  • For holiday information on Scotland go to www.visitscotland.com
  • For information about business tourism in Scotland go to www.conventionscotland.com

2018 Year of Young People

  • The Year of Young People (YoYP 2018) will inspire Scotland through its young people aged 8 to 26, celebrating their achievements, valuing their contributions to communities and creating new opportunities for them to shine locally, nationally and globally
  • Central to YoYP 2018 will be a celebratory events programme that puts young people at the heart of its development and delivery, creating new and valuable experiences for young Scots and the wider public, with links to the inaugural 2018 European Championships.
  • Over 200 young people throughout Scotland are currently being recruited to become YoYP 2018 Ambassadors. Ambassadors will ensure that people and organisations in their communities know about what’s happening and will lead on projects and activities to create events and opportunities to celebrate young people.
  • The Year of Young People will have six themes which were developed in co-production with young people themselves:
  • Participation – looking at how young people can influence public services and decisions which affect their lives
  • Education – creating a stronger role for young people in shaping their learning
  • Health and Wellbeing – supporting young people to lead healthier, active lives and have opportunities to learn about and improve their mental health and resilience
  • Equality and Discrimination – broadcasting the value of young Scots, challenging negative perceptions of young people, and supporting young people to take leading roles in challenging discrimination in all its forms.
  • Enterprise and regeneration – celebrating young people’s role in innovation, entrepreneurship and the Scottish economy as well as making Scotland a greener and more pleasant place to live
  • Culture – celebrating young people’s talent and contribution to Scottish culture and arts.
  • Further information on what’s happening and how people can get involved can be found on the new website www.yoyp2018.scot or @YOYP2018 on Twitter.