Follow VisitScotland

Seòladair Oilimpigeach a’ brosnacahdh ghnothachasan gus a dhol air bòrd gus barrachd luchd-tadhail a thàladh

Press Release   •   Nov 28, 2018 10:56 GMT

Ed Shoote, Shirley Robertson agus Graeme Ambrose aig Co-labhairt Turasachd na Gàidhealtachd ann an Inbhir Nis, aig am b’ e turasachd dàna-thurasach/air a’ bhlàr a-muigh tè de na tèaman.

Bha cho cudromach ’s a tha e do ghnothachsan turasachd a bhith a’ dol an sàs ann am margaidh nan cur-seachadan a-muigh am measg nan cuspairean a chaidh a dheasbad aig Co-labhairt Turasachd na Gàidhealtachd am-bliadhna.

Bhrosnaich am prìomh-òraidiche, tè aig a bheil dà bhonn òr Oilimpigeach, Shirley Robertson, na daoine a bha an làthair na cothroman gus togail a thoirt dha na gnothachasan aca a ghabhail, na cothroman le Bliadhna Costa agus Uisgeachan na h-Alba ann an 2020 nam measg sin.

Chaidh an tachartas bliadhnail a chumail ann an Taigh-òsta Dhruim Athaisidh ann an Inbhir Nis an-dè (Dimàirt) agus bha mu 180 neach a bha an sàs ann an turasachd bho air feadh na Gàidhealtachd an làthair gus taisbeanaidhean, susbaint agus bùithean-obrach inntinneach a chluinntinn cho math ri taisbeanaidhean bho fharsaingeachd de bhuidhnean agus proifeiseantaich gnìomhachais le fìor eòlas.

Dh’obraich VisitScotland ann an com-pàirteachas le Comhairle na Gàidhealtachd agus Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus Com-pàirteachas Turasachd na Gàidhealtachd gus co-labhairt na bliadhna-sa a chur air bhonn. B’ e ‘A’ stiùireadh an eòlais a gheibh an luchd-tadhail’ an t-àrd-thèama a bha aig a’ cho-labhairt.

Bho luchd-tadhail a bha ag iarraidh eòlas a chur air pàirt shònraichte dhen mhargaidh leithid seòladh, uisge-beatha, no slighean rothaireachd-beinne, thucasan a bha a’ tighinn gus tadhal air neo gus pàirt a ghabhail ann an tachartasan san sgìre – tha iomadh dòigh ann anns an urrainn do ghnothachasan turasachd leudachadh a thoirt air an fhàilte Albannach sin agus togail a thoirt air an eòlas fa-leth a gheibh luchd-tadhail chun na Gàidhealtachd.

Thàinig co-labhairt na bliadhna-sa goirid an dèidh dhan ùghdarras siubhail Lonely Planet Gàidhealtachd agus Eileanan na h-Alba a thaghadh am measg ‘Best in Travel’ airson 2019 – an aon àite ann an Alba a chaidh a thaghadh.

Thug na bùithean-obrach agus na taisbeanaidhean seallaidhean agus fuasglaidhean practaigeach gus gnothachasan turasachd a chuideachadh gus brath a ghabhail air na cothroman ùra a tha a’ cuideachadh gus àrdachadh a thoirt air àireamhan luchd-tadhail.

Ann a bhith a’ cumail ris na tèaman a thaobh a bhith a’ leudachadh margaidhean dàna-thursan agus Bliadhna Costa agus Uisgeachan na h-Alba, 2020, ’s e buannaiche dà bhonn òr Oilimpigeach agus craoladair airson CNN, Shirley Robertson OBE, a lìbhrig prìomh-òraid na bliadhna-sa.

Tha Shirley aithnichte mar thosgaire airson na h-Alba agus tha farsaingeachd eòlais aice air a bhith a’ leudachadh fàilte na h-Alba agus a bhith a’ dol an sàs le margaidhean chur-seachadan spèisealta.Fhuair ise dha na clàran eachdraidh bhon as i a’ chiad bhoireannach Breatannach a choisinn dà bhonn òr Oilimpigeach aig dà gheamaichean Oilimpigeach sreath a chèile.

Thuirt Shirley:Bha mi air mo dhòigh cuireadh fhaighinn gu Co-labhairt Turasachd na Gàidhealtachd aig àm a tha cho brosnachail airson turasachd san sgìre. Tha a bhith air ainmeachadh am measg nam prìomh dheich ann an ‘Best in Travel’ aig Lonely Planet a’ dearbhadh na bha fhios againn air co-dhiù, gu sònraichte ma tha ùidh agad ann an dàna-thuras air a’ bhlàr a-muigh, gur e a’ Ghàidhealtachd an t-àite anns am bu chòir dhut a bhith.

Ach dhòmhsa, mar chuideigin a tha uabhasach measail air uisge, tha mi buileach air mo dhòigh gun deach 2020 ainmeachadh mar a’ bhliadhna Costa agus Uisgeachan na h-Alba. Abair cothrom air leth airson ar n-oirthir-mara eireachdail a thaisbeanadh, agus gus barrachd dhaoine fhaighinn gu bhith a’ faighinn tlachd bho fhear dhe na h-àiteachan as fheàrr air an t-saoghal airson tursan-mara.”

Rugadh i ann an Dùn Dè, ach ’s ann aig seachd bliadhna a dh’aois a thòisich an t-slighe aice gu ruige bonn òr Oilimpigeach ann an geòla bheag Mirror Miracle, a thog a h-athair anns a’ gharaids anns an dachaigh aca ann an Siorrachd Chlach Mhanainn. An dèidh pàirt a ghabhail anns na Geamaicheam Oilimpigeach ann am Barcelona (1992) agus Atlanta (1996), dhearbh Shirley gun robh i os cionn chàich san roinn aice le bhith a’ buannachadh bonn òr nan Geamaichean Oilimpigeach ann an Sidney 2000. Na b’ fhaide air adhart sa bhliadhna sin, chaidh a bhòtadh mar Ban-sheòladair ISAF na Cruinne, agus chaidh MBE a bhuileachadh oirre airson seirbheisean do Sheòladh Breatannach.

An dèidh a cuid soirbheachais ann an 2000, ghluais Shirley gu roinn ùr Yngling agus, an dèidh ceithir bliadhna de dh’obair chruaidh, bhuinig i an dàrna bonn òr eachdraidheil aice aig Geamaichean Oilimpigeach na h-Àithne ann an 2004. Sa bhliadhna an dèidh sin chaidh OBE a bhuileachadh oirre agus anns an Fhaoilleach 2006, thòisich i na prìomh-phreasaintear airson ‘Mainsail’ aig CNN. Tha i fhathast na preasaintear agus a’ riochdachadh prògram mìosal telebhisean aig CNN, agus bidh i tric ag obair le craoladairean eile leithid am BBC agus BT Sport.

Dh’inns Shirley mun sgeulachd bhrosnachail aice mu bhith a’ dèanamh na bha i a’ miannachadh a dhèanamh, gu bhith a’ faighinn a’ bhuinn as luachmhoire aig na Geamaichean Oilimpigeach. Agus le obair telebhisean ga toirt gu cinn-uidhe airson turasachd-mara air feadh an t-saoghail, tha barrachd fios aice na tha aig a’ chuid as motha air dè dh’fheumas Alba dèanamh gus farpais aig ìre na cruinne.

Am measg an luchd-labhairt eile bha an rothairiche dàna-thurasach Ed Shoote, a bhruidhinn riuthasan a bha an làthair mu bhith a’ dol an sàs le margaidh nan cur-seachadan gnìomhach, Graeme Ambrose, CEO aig VisitInverness Loch Nis a bhruidhinn air LochNess 360 agus Chelsea Charles, Àrd-stiùiriche Conaltraidh airson nam Bliadhnachan Comharraichte aig VisitScotland a thug fiosrachadh mu Bhliadhna Costa agus Uisgeachan na h-Alba 2020.

Bha seiseanan bùithean-obrach ann a’ sealltainn do ghnothachasan turasachd ciamar as urrainn dhaibh obrachadh leis na meadhanan, a’ toirt fàs air cliù seasmhachd gnothachais agus air a bhith a’ dèanamh do mhargaidh nas eadar-nàiseanta.

Thuirt Chris Taylor, Stiùiriche Com-pàirteachasan Sgìreil aig VisitScotland: Thog Co-labhairt Turasachd na Gàidhealtachd am-bliadhna air an t-soirbheachas aig an fheadhainn a bha ann am bliadhnachan eile agus chòrd e rium a bhith a’ cur fàilte air daoine chun an tachartais.

Tha fiosrachadh a chaidh fhaighinn a chionn ghoirid a’ sealltainn gu bheil, anns an 12 bliadhna mu dheireadh, 254 ceann-uidhe ùr air tighinn am bàrr air feadh an t-saoghail. Tha seo ag adhbhrachadh an t-uabhas farpais do ghnìomhachas turasachd na h-Alba anns a bheil luach de £5.2 bn.

Leis an urram gu bheil Gàidhealtachd agus Eileanan na h-Alba ann an liosta Best in Travel 2019 aig Lonely Planet, tha e nas cudromaiche na bha e riamh gum bi gnothachasan agus buidhnean air a’ Ghàidhealtachd ag obrachadh còmhla gus feum a dhèanamh dhen chliù a tha againn mu thràth, cothroman ùra a bhrosnachadh, a dhol an sàs ann am margaidhean ùra, agus gus adhartas a thoirt air an eòlas a tha luchd-tadhail a’ faighinn gus dèanamh cinnteach gum bi an roinn seo a’ fuireach am measg nan sàr àiteachan airson shaor-làithean an dèidh àrdachadh mòr ann an cinn-uidhe air feadh an t-saoghail.”

Thuirt an Comhairliche Ailean MacEanraig, Cathraiche Comataidh Àrainneachd, Leasachadh agus Bun-structar aig Comhairle na Gàidhealtachd:Mar fhear de na prìomh bhuidhnean a tha an sàs ann an turasachd, tha Comhairle na Gàidhealtachd air a bhith an sàs ann a bhith a’ cur taic ri Co-labhairt Turasachd na Gàidhealtachd airson iomadh bliadhna agus chan eil a’ bhliadhna seo eadar-dhealaichte bho sin.

Leis gun deach a chomharrachadh le Lonely Planet bho chionn ghoirid gur e a’ Ghàidhealtachd fear dhe na h-àiteachan as fheàrr anns an t-saoghal gus tadhal air agus na duaisean dhan Ghàidhealtachd bho Mhaoin Bun-structar Turasachd Dùthchail, tha e nas iomchaidhe buileach gun cùm sinn air taic a chur ris a’ ghnìomhachas.”

Thuirt Graeme Ambrose, Cathraiche Com-pàirteachas Turasachd na Gàidhealtachd: Aon uair eile, tha Co-labhairt Turasachd na Gàidhealtachd trang agus fìor mhath air a bhith againn. Tha sin a’ sealltainn gu bheil gnothachasan air a’ Ghàidhealtachd a’ cur luach sa chothrom a bhith a’ tighinn còmhla gach bliadhna, gus lìonraidhean a chruthachadh, gus ionnsachadh bho agus èisteachd ri luchd-labhairt brosnachail leithid Shirley Robertson OBE, a chuala sinn an turas seo.

B’ ann mu dhèidhinn a’ bhlàr a-muigh agus margaidhean dàna-thursan a bha tèaman na bliadhna-sa agus mar a tha sinn ag àrdachadh nan cothroman aig na margaidhean seo, rudeigin a tha sinn uile a’ smaointinn a tha bunaiteach airson gnìomhachas turasachd na Gàidhealtachd nas seasmhaiche.”

Rhona Fraser, head of regional development at HIE’s Inner Moray Firth team, said: “Tha turasachd deatamach do dh’eaconamaidh na h-Alba. Tha roinn turasachd làidir aig a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan le iomadh cothrom airson togail a thoirt air an iomadh neart a th’ aig an sgìre, nam measg sin turasachd air a’ bhlàr-muigh, dualchas agus cultar.

“Tha ar n-aire air a bhith a’ cur taic ris an roinn gus tarbhachd a leasachadh le bhith a’ gabhail brath air na cothroman gus leudachadh a thoirt air seusan na turasachd agus gus cleachdadh sgilean didseatach agus ùr-ghnàthachadh fhilleadh còmhla. “Tha sinn cuideachd airson fàs a thoirt air an fharsaingeachd agus càileachd de dh’eòlasan a tha luchd-tadhail a’ faighinn, a’ tàladh luchd-tadhail le luach nas àirde gus tlachd seasmhach fhaighinn às na tha aig a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan ri thabhann.

Neartaichidh seo uile an roinn, àrdaichidh e buannachd eaconamach agus ciallaichidh e gum bi turasachd na roghainn obrach nas tarraingiche, gu sònraichte do dhaoine òga ann an sgìrean dùthchail.”

Nòtaichean do Luchd-deasachaidh

  • Lean air twitter sinn: @visitscotnews
  • ’S e VisitScotland buidheann turasachd nàiseanta na h-Alba. ’S e am prìomh-adhbhar aige buannachdan na turasachd do dh’Alba a chur an làn-mheud.
  • ’S e prìomh-amas na buidhne a bhith a’ cur taic ri amasan Ro-innleachd Turasachd 2020, ’s e sin fàs a thoirt air teachd a-steach turasachd, a’ ruigsinn fàs de £1 billean ron bhliadhna 2020.
  • Bidh seo stèidhichte air còig ro-innleachdan mòra: Margaideachd, Tachartasan, Càileachd is Seasmhachd, Turasachd In-ghabhaltach, Com-pàirteachadh Eadar-nàiseanta.
  • Tha 700 luchd-obrach air tuarastal a' bhuidhinn agus tha oifisean is ionadan fiosrachaidh VisitScotland aige air feadh Alba.

Tha na chosgas luchd-turais ann an Alba a’ cruthachadh mu £12 bhillean de ghnìomhachd eaconamach air feadh sèine-sholair na h-Alba agus a' cur mu £6 billean ri làn-thoradh dùthchail na h-Alba (ann am prìsean bunaiteach). Tha seo mu 5% de làn-thoradh dùthchail na h-Alba uile gu lèir.

Bliadhna na h-Òigridh 2018

Tha YoYP 2018 - a’ chiad bhliadhna de a seòrsa air feadh an t-saoghail, na phàirt de phrògram nam bliadhnaichean cuspaireil aig Riaghaltas na h-Alba le fòcas air na stòrasan as motha aig Alba.

Tha prògram fad bhliadhna de thachartasan is de dh'fhèisean a’ gabhail àite air feadh na dùthcha airson gach aois, air an stiùireadh le Event Scotland, pàirt de Bhuidheann-stiùiridh nan Tachartasan aig VisitScotland. Gheibhear barrachd fiosrachaidh aig www.visitscotland.com/yoyp2018

Tha ùghdarrasan ionadail, buidhnean agus comainn òigridh a’ cumail nan tachartasan aca fhèin mar phàirt de YoYP 2018. Gheibhear am fiosrachadh as ùire air Twitter leis an taga-hais #YOYP 2018.

Co-dhealbhaich òigridh a’ Bhliadhna. Tha buidheann de cheannardan òga, Communic18 aig ceann chùisean a thaobh prìomh cho-dhùnaidhean. Tha còrr is 500 tosgairean ann thairis air gach ùghdarras ionadail a tha a’ cumail taic ri gnothaichean.

Tha a’ bhliadhna ga lìbhrigeadh le com-pàirteachas eadar Riaghaltas na h-Alba, VisitScotland agus EventScotland - pàirt de Bhuidheann-stiùiridh nan Tachartasan aig VisitScotland, Young Scot, Pàrlamaid Òigridh na h-Alba, Clann an Alba, YouthlinkAlba agus Alba Chruthachail.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh aig yoyp2018.scot, no le bhith a’ lorg @YOYP2018 #YOYP2018 air Twitter no le bhith a’ cur post-d gu yoyp2018@gov.scot