Follow VisitScotland

Leabhar-iùil de dh’àiteachan filmidh Albannach a’ comharrachadh 130 bliadhna bho rugadh tùsaire TBh Albannach

Press Release   •   Aug 29, 2018 00:01 BST

Aig àm nuair a tha Alba a’ comharrachadh 130 bliadhna bho rugadh "neach-tòiseachaidh an telebhisein" ann an Alba, tha a’ bhuidheann nàiseanta airson turasachd air leabhar-iùil a chur air bhog a tha ag amas air luchd-amhairc telebhisean a tha ri ‘set-jetting’.

Ann an TBh Suidhichte ann an Alba, a rinn VisitScotland, tha mion-fhiosrachadh ann mu chòrr is 60 prògram telebhisein a chaidh a dhèanamh ann an Alba no aig a bheil ceangal ri Alba.

Tha an leabhar 36-duilleig seo coisrigte dhan innliche agus innleadair John Logie Baird a rugadh ann am Baile Eilidh air 13 Lùnastal, 1888 agus thathar ga mheas mar fhear de dh’athraichean an telebhisein agus mar a’ chiad neach a thaisbean dealbhan TBh dhan t-saoghal.

Bidh TBh Suidhichte ann an Alba ri fhaighinn saor ’s an-asgaidh aig àiteachan a tha tarraingeach do luchd-turais agus aig iAonadan VisitScotland air feadh na dùthcha agus gabhaidh e luchdadh a-nuas aig visitscotland.com.

Bhon phrògram aithriseach, Night Mail a bha na chlach-mìle, gu Ordeal by Innocence, stèidhichte air sgeulachd le Agatha Christie, tha an leabhar-iùil a’ coimhead air beothachaidhean, prògraman aithriseach, dràmathan, sit-coms agus siabainn a chaidh fhilmeadh ann an Alba, no a fhuair brosnachadh bho Alba thairis air an 80 bliadhna a dh'fhalbh.

A’ cumail ris an fhòrmat mar 'leabhran TBh', tha taghadh de dh’fhilmichean ann cuideachd agus tha earrannan sònraichte ann mu Outlander, Doctor Who agus caractaran Albannach ainmeil air an sgrìn bheag, nam measg Scrooge McDuck bho DuckTales agus Scotty bho Star Trek.

Am measg nam prìomh nithean, tha:

  • Victoria (Siorrachd Pheairt) - Tha Victoria, an t-sreath aig ITV le Jenna Coleman (Doctor Who), a’ coimhead air bliadhnaichean tràtha ann an rìoghachadh na Banrigh. Thadhail i air Garbhchrìochan Pheairt grunn thursan aig an àm seo. Rinneadh filmeadh aig Caiseal Bhlàir gus an sgeulachd innse mu fhear de na tursan seo, le dà phònaidh às an oighreachd air an cleachdadh mar na pònaidhean aig Bhictòria is Albert.
  • Taggart (Glaschu) - Tha deagh chuimhne aig daoine air an t-sreath seo, an dràma eucoir as fhaide a ruith san RA, mar thoradh air an abairt ainmeil “There's been a murder”. Chaidh seo fhilmeadh air feadh Ghlaschu leis a’ chairt-tiotail thùsail a’ cleachdadh dealbh panoramach a chaidh a thogail air a’ Bhràigh Choitcheann (na Cathkin Braes) deas air a’ bhaile. Anns na bliadhnaichean mu dheireadh den t-sreath, bha dealbh ann de mheadhan a’ bhaile a chaidh a thogail anns an Lighthouse – aonad nàiseanta na h-Alba airson dealbhadh agus ailtearachd - air Caolshraid Mitchell.
  • Shetland (Sealtainn) - Fhuair an dràma eucoir seo ainm bho ainmean nan eileanan anns a bheil e stèidhichte, le Douglas Henshall a’ cluich Detective Inspector Jimmy Perez. Stèidhichte air na leabhraichean le Ann Cleeves, chaidh am filmeadh a dhèanamh ann an iomadh àite anns na h-eileanan, a’ gabhail a-steach Lerwick, prìomh-bhaile Shealtainn, sgìre Lodberries agus Fair Isle (a tha 24 mìle bho thìr-mòr Shealtainn).
  • Downton Abbey (Earra-Ghàidheal) - Tha an sreath dràma TBh eachdraidheil, a chaidh a chruthachadh le Julian Fellowes, a’ sealltainn saoghal an teaghlaich uasail, na Crawleys agus na searbhantan aca goird às dèidh linn Rìgh Èideird aig an taigh-manair aca ann an Siorrachd York, Downton Abbey. Airson prògram sònraichte na Nollaig ann an 2012, chaidh an teaghlach Crawley gu tuath dhan chaisteal fhicseanail Caisteal Duneagle. Chaidh seo fhilmeadh aig Caisteal Inbhir Aora
  • Hamish Macbeth (roinn na Gàidhealtachd) - Stèidhichte gu ìre air na nobhailean le M. C. Beaton, ’s ann mun Chonastabal Hamish MacBeth (Robert Carlisle), oifigear poileis ionadail, a bha an t-sreath seo. Bha e stèidhichte anns a’ bhaile fhicseanail Loch Dubh air costa an iar na h-Alba, le a charaid ceithir-chasach dìleas Jock. Chaidh fhilmeadh anns a’ Phloc, ann an Caol Loch Aillse agus san sgìre timcheall air.
  • Two Thousand Acres of Sky (Dùn Phris Is Ghall-Ghàidhealaibh) - Ged a tha seo suidhichte anns an eilean fhicseanail Ronansaigh far costa an Eilean Sgitheanaich, chaidh an dràma seo a fhilmeadh anns a’ bhaile-puirt Port Logan, beagan a tuath air Maol nan Gall - an t-àite as fhaide a deas ann an Alba.

Ann an ro-ràdh a chaidh a sgrìobhadh gu sònraichte, thuirt Peter May, ùghdar agus co-chruthachair an t-siabainn Ghàidhlig Machair gun robh “seallaidhean do-chreidsinneach na h-Alba” a’ fàgail gu bheil i na "cùis-fharmaid dhan t-saoghal air fad”.

Sgrìobh e: “Bidh filmeadairean is companaidhean TBh a’ tighinn à fad is farsaing air taistealachd a dh’Alba gach bliadhna gus sgrìnichean an cuid luchd-amhairc a lìonadh le ìomhaighean mìorbhaileach de bheanntan còmhdaichte le sneachd, de thràighean airgid agus de mharannan tuirc-ghorm. Tha cruth-tìre agus cultar air leth aig Alba airson nan companaidhean film is TBh sin mar shuidheachadh, chan ann a-mhàin airson prògraman aithriseach ach cuideachd airson dràmathan clasaigeach den ìre as àirde.”

Tha TBh Suidhichte ann an Alba ag amas air togail air an fhasan a tha sìor-fhàs de ‘set-jetting’. Tha rannsachadh a’ sealltainn gun deach an turas aig aonan às gach còignear luchd-tadhail do dh’Alba a bhrosnachadh le bhith a' faicinn àiteachan air an sgrìn mhòr no bheag.

Thuirt Fiona Hyslop, Rùnaire a’ Chaibineit airson Cultair, Turasachd agus Cuisean Taobh a-muigh: “Tha seallaidhean agus dualchas togte na h-Alba, cho math ris a’ chultar bheartach is eadar-mheasgte againn air iomadh filmeadair a tharraing thar nam bliadhnaichean.

“Tha mi a’ cur fàilte air an leabhar-iùil seo a tha a’ mapachadh far an deach cuid de na prògraman TBh sgoinneil a chaidh fhilmeadh ann an Alba a dhèanamh. Brosnaichidh seo luchd-coimhead TBh de gach aois a bhith a’ tighinn an seo gus na h-àiteachan mìorbhaileach a chunnacas air an TBh fhaicinn dhaibh fhèin.”

Thuirt Jenni Steele, Manaidsear Film is Gnìomhachasan Cruthachail aig VisitScotland: ”Chan eil an liosta de phrògraman telebhisein agus àiteachan filmidh ann an TBh Suidhichte ann an Alba iomlan, ach tha an leabhar-iùil spòrsail agus fiosrachail seo, a tha a’ gabhail a-steach rudan a tha mòr-chòrde còmhla ri seudan nach eil cho aithnichte, na thoiseach tòiseachaidh do luchd-tadhail a tha airson rannsachadh a dhèanamh air na h-àiteachan air-sgrìn agus àiteachan tarraingeach eile faisg air làimh.

“Tha a’ bhuaidh a th' aig dèanamh fhilimichean ann an Alba tòrr nas motha na dìreach na thèid a chosg air an fhilmeadh fhèin. ‘S urrainn do dh’Alba luchd-amhairc eadar-nàiseanta ana-mhòr a ruighinn agus, le rannsachadh a’ sealltainn gu bheil aonan a-mach à còignear luchd-tadhail air am brosnachadh gus tighinn an seo às dèidh dhaibh Alba fhaicinn air-sgrìn, tha cothroman ro-mhòr ann do ghnìomhachas na turasachd.”

Tha na figearan as ùire a’ sealltainn gun deach £95 millean a chosg air film is TBh ann an 2017 - an ìre as àirde riamh - agus àrdachadh de £26 millean bhon bhliadhna mu dheireadh. Thairis air an deichead mu dheireadh, tha na chaidh a chosg air a dhol suas còrr is 300%.

Dh’fhoillsich VisitScotland an leabhar, Set in Scotland: A Film Fan’s Odyssey roimhe, aig an robh fòcas air na filmichean a chaidh a dhèanamh san dùthaich.

Airson barrachd mu TBh is filmichean a chaidh a dhèanamh ann an Alba agus gus TV Set in Scotland a luchdadh a-nuas, tadhail air: www.visitscotland.com/film

AN DEIREADH

Notes to Editors

  • Follow us on twitter: @visitscotnews
  • VisitScotland is Scotland’s national tourism organisation. Its core purpose is to maximise the economic benefit of tourism to Scotland.
  • The organisation’s core objective is to contribute to the Tourism 2020 Strategy ambition of growing tourism revenues by £1 billion by 2020.
  • This will be supported by five overarching strategies: Marketing, Events, Quality and Sustainability, Inclusive Tourism, International Engagement.
  • The organisation employs 700 people and has offices and VisitScotland Information Centres across Scotland.
  • Spending by tourists in Scotland generates around £12 billion of economic activity in the wider Scottish supply chain and contributes around £6 billion to Scottish GDP (in basic prices). This represents about 5% of total Scottish GDP
  • For VisitScotland’s press releases go to http://www.visitscotland.org/media_centre.aspx, tourism statistics and frequently asked questions go to http://www.visitscotland.org/
  • Where possible, a Gaelic speaker will be made available for broadcast interviews on request (Far an tèid iarraidh, agus far am bheil sin nar comas, bruidhinnidh neach le Gàidhlig aig agallamh)
  • For holiday information on Scotland go to www.visitscotland.com
  • For information about business tourism in Scotland go to www.conventionscotland.com

2018 Year of Young People

  • The Year of Young People (YoYP 2018) will inspire Scotland through its young people aged 8 to 26, celebrating their achievements, valuing their contributions to communities and creating new opportunities for them to shine locally, nationally and globally
  • Central to YoYP 2018 will be a celebratory events programme that puts young people at the heart of its development and delivery, creating new and valuable experiences for young Scots and the wider public, with links to the inaugural 2018 European Championships.
  • Over 200 young people throughout Scotland are currently being recruited to become YoYP 2018 Ambassadors. Ambassadors will ensure that people and organisations in their communities know about what’s happening and will lead on projects and activities to create events and opportunities to celebrate young people.
  • The Year of Young People will have six themes which were developed in co-production with young people themselves:
  • Participation – looking at how young people can influence public services and decisions which affect their lives
  • Education – creating a stronger role for young people in shaping their learning
  • Health and Wellbeing – supporting young people to lead healthier, active lives and have opportunities to learn about and improve their mental health and resilience
  • Equality and Discrimination – broadcasting the value of young Scots, challenging negative perceptions of young people, and supporting young people to take leading roles in challenging discrimination in all its forms.
  • Enterprise and regeneration – celebrating young people’s role in innovation, entrepreneurship and the Scottish economy as well as making Scotland a greener and more pleasant place to live
  • Culture – celebrating young people’s talent and contribution to Scottish culture and arts.
  • Further information on what’s happening and how people can get involved can be found on the new website www.yoyp2018.scot or @YOYP2018 on Twitter.