Follow VisitScotland

A bheil #ScotSpirit agad?

Press Release   •  Feb 11, 2016 09:46 GMT

Tha VisitScotland a' toirt spiorad na h-Alba am follais na chiad iomairt eadar-nàiseanta is shòisealta.

Chaidh an iomairt, a tha ag amas air spiorad is inbhe na h-Alba a thoirt am feabhas le bhith a' cur gualann muinntir na dùthcha ri turasachd, fhoillseachadh don t-saoghal an-diugh (10 Gearran 2016) leis a' Phrìomh Mhinistear Nicola Sturgeon.

Dùisgidh an iomairt faireachdainn a h-uile duine a chuireas eòlas air, air feadh an t-saoghail air telebhisean, rèidio, clò, sanasachd dhidseatach agus na meadhanan sòisealta.

Bha an cleasaiche baidhsagail is laoch nam meadhanan sòisealta, Danny MacAsgaill, ann cuide ris a' Phrìomh Mhinistear airson an iomairt fhoillseachadh, cho math ri daoine eile anns a bheil spiorad na h-Alba follaiseach a leithid neach-stèidheachaidh Social Bite, Josh Littlejohn, agus an lùth-chleasaiche Oilimpigeach, Laura Muir.

Tha an iomairt seo air tè ann an sreath sgeamaichean a tha a' sìor-atharrachadh dòighean margaideachd eadar-nàiseanta VisitScotland. Tha làrach-lìn ùr bhrosnachail is eadar-obrachail air foillseachadh cuideachd a leigeas leis a h-uile companaidh is buidheann turasachd an gnìomhachasan a neartachadh gus an coilean roinn na turasachd a targaid is i a' fàs le £1 billean ro 2020.

Tha #ScotSpirit aig teis-meadhan na h-iomairt sa a tha airson a dhol seachad air margaideachd thurasachd àbhaisteach agus buaidh a thoirt air a h-uile roinn, gnìomhachas agus duine.

Thèid iarraidh air daoine air feadh an t-saoghail an t-eòlas a th' aca air spiorad na h-Alba a thaisbeanadh tro #ScotSpirit agus, mar sin dheth, thig iad an sàs ann an iomairt shònraichte aig a bheil amasan sòisealta, eaconamach is carthannach.

Airson an còmhradh a bheothachadh, tha VisitScotland air ‘Seachd Spioradan na h-Alba’ fhoillseachadh – 's iad sin prìomh fheartan a chithear ann am muinntir is cruth-tire na dùthcha:

1. BLÀTHS

2. SUNND

3. MISNEACHD

4. LÙTHS

5. ANAM

6. DÌCHEALL

7. SPÒRS

Thèid na Seachd Spioradan a chur gu feum air feadh na h-iomairt is iad ag iarraidh air luchd-tadhail, muinntir na h-Alba agus daoine a tha measail air an dùthaich sealltainn na tha spiorad na h-Alba a' ciallachadh dhaibh.

Tha VisitScotland ag obair cuide ris a' charthannas Family Holiday Association agus a' ghnìomhachas thurasachd airson cothroman a dhèanamh do theaghlaichean ann an Alba, cuid dhiubh nach robh a-riamh air saor-làithean teaghlaich, gus am faic iad barrachd den dùthaich aca fhèin. Bidh a h-uile duine a tha an sàs ann an #ScotSpirit is ga sgaoileadh a' tighinn an lùib na h-iomairt sòisealta sònraichte seo, agus a' neartachadh inbhe turasachd shòisealta air feadh an t-saoghail.

Linn ùr VisitScotland – prìomh thachartasan san iomairt:

  • Aithne chorporra eadar-nàiseanta agus làrach-lìn eadar-obrachail ùr aig VisitScotland 
  • Sanasan telebhisein ann an riochd film gan stiùireadh le Ben Craig, anns a bheil ceòl le Giles Lamb a th' air a chluich le Orcastra Nàiseanta Rìoghail na h-Alba agus air aithris leis a' chleasaiche Albannach, Iain Glen, a th' ann an Game of Thrones. 'S e an cleasaiche Alan Cumming, a bhuineas do Shiorrachd Pheairt, agus a th' anns a' phrògram shoirbheachail Ameireaganach The Good Wife, a tha ag aithris san t-sanas sna Stàitean Aonaichte
  • Dà fhilm aithriseach goirid anns a bheil spiorad na h-Alba ann am beachd nan daoine a tha a' fuireach agus ag obair an seo, a leithid pìobaire ann an Tatù Rìoghail Dhùn Èideann, dràibhear trèana air Trèana Smùid nan Seumasach agus daibhear chreachann san Eilean Sgitheanach
  • Com-pàirteachadh le companaidhean didseatach mòra eadar-nàiseanta airson sgeul na h-Alba aithris ann an diofar dhòighean bho dhiofar thaobhan
  • Maoineachadh sònraichte thar na Rìoghachd Aonaichte, ann an prìomh roinnean san Fhraing is sa Ghearmailt agus ann an New York - 's iad sin prìomh mhargaidhean do dh'Alba a tha a' dol am meud. Tro mheadhanan didseatach is sòisealta, thèid an iomairt a sgaoileadh air feadh an t-saoghail 
  • Iomairt eadar-nàiseanta #ScotSpirit aig a bheil amasan carthannach, sòisealta is eaconamach agus a tha ag iarraidh air daoine a dhol nan tosgairean do dh'Alba

  • Tha a h-uile duine a tha an sàs ann an #ScotSpirit a' tighinn an lùib iomairt a leigeas le clann barrachd mun dùthaich aca fhèin fhaicinn, fhaireachdainn agus ionnsachadh tron charthannas thurasachd shòisealta, Family Holiday Association
  • Fòram 'turasachd coimhearsnachd' ùr a leigeas le luchd-turais an turas a chur air dòigh agus cuideachadh fhaighinn air-loidhne (thèid fhoillseachadh as t-Earrach)
  • Maoin Leasachaidh ùr do phròiseactan margaideachd dhidseatach air feadh a' ghnìomhachais (thèid a foillseachadh as t-Earrach
  • Com-pàirteachadh margaideachd le buidhnean còmhdhail a leithid Abellio ScotRail agus CalMac airson àireamhan luchd-tadhail a neartachadh ann am barrachd cheàrnaidhean den dùthaich, a leithid 'Cead-siubhail Spiorad na h-Alba' a thèid fhoillseachadh as t-Earrach 2016
  • Cuideachadh chloinne ann an Alba gus am faic iad barrachd den dùthaich aca fhèin tro sgeama cho-obrachaidh ùr (a thèid fhoillseachadh nas fhaide den bhliadhna)

Thuirt Malcolm Roughead, Àrd-oifigear VisitScotland:

“Tha turasachd ann an Alba fhathast a' dol am feabhas a dh'aindeoin suidheachadh dùbhlanach na h-eaconamaidh agus mi-chinnt a thaobh comhdhail. Anns a' bhliadhna mu dheireadh, tha àrdachadh 7% de luchd-tadhail air a bhith ann agus 8% anns na chaidh cosg, ach feumaidh sinn aire a chumail an-còmhnaidh.

“An dèidh còrr is bliadhna ga dealbhadh, tha e na thoileachas dhuinn gun tèid againn air an iomairt Spiorad na h-Alba fhoillseachadh. Tha dealbhan ùra nan sanasan eireachdail agus tha mi cinnteach gum piobraich iad mòran a thighinn a thadhal air Alba, ach tha fada a bharrachd na dealbhan brèagha an sàs ann. 'S ann mu dheidhinn gualann muinntir na dùthcha a chur ri turasachd a tha seo.

“Tha sinn airson 's gun cuir a h-uile duine air a bheil meas air Alba an gualann ris an iomairt seo le bhith a' cleachdadh #ScotSpirit agus mar sin gun tèid iad nan tosgairean do dh'Alba is bheir iad taic don iomairt shònraichte seo.

“'S e àite air leth a th' ann an Alba anns a bheil daoine air leth a' fuireach – agus tha sin fhèin air spiorad àraid a chruthachadh. Cha ghabh tarraing an spioraid seo a dhèanamh le àiteachan eile. Feumaidh tu a thighinn a dh'Alba airson eòlas a chur air an spiorad sin. Ach cho luath 's a dh'fhairicheas tu e, fanaidh an spiorad againn leat gu bràth.”

Tha VisitScotland air co-obrachadh le Family Holiday Association agus buidhnean turasachd ann an Alba an lùib iomairt an Spioraid airson taobh carthannach a chur rithe airson an inbhe a neartachadh agus turasachd shòisealta a shònrachadh. Air sgàth na taic a fhuair sinn bho bhuidhnean air feadh na dùthcha, a leithid Hilton, Accor, Macdonald, Urras Nàiseanta na h-Alba, Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba, Comann Ostalan Òigridh na h-Alba agus Abellio ScotRail, tha sinn a' toirt seachad tursan goirid do chòrr is 100 duine is duine chloinne a th' ann an suidheachadh so-leònta no neo-chothromach.

Thuirt John McDonald, stiùiriche Family Holiday Association:

“Tha e na thoileachas do Family Holiday Association gun robh cothrom obrach againn cuide ri VisitScotland air Spiorad na h-Alba. Thar iomadh bliadhna tha sinn air taic a thoirt do na ceudan de theaghlaichean Albannach a leig leotha turas goirid no latha a chosg a' cur eòlais air an #ScotSpirit dhaibh fhèin. 'S e cothrom anabarrach math a tha ann a bhith ag obair còmhla ri VisitScotland agus na com-pàirtichean aca gus an tèid againn air barrachd theaghlaichean Albannach a chuideachadh ann an 2016.

“Chì sinn #ScotSpirit a h-uile latha anns na teaghlaichean a bhios sinn a' cuideachadh, teaghlaichean aig a bheil cuid de na dùbhlanan as truime ach as urrainn tlachd a mhaireas fad am beatha fhaighinn às a seo agus a neartaicheas na bannan teaghlaich aca cuideachd.”

Thèid an iomairt Spiorad na h-Alba fhoillseachadh gu h-eadar-nàiseanta an-diugh (Diciadain 10 Gearran). Tha an tuilleadh fiosrachaidh aig visitscotland.com Dèan còmhradh le #ScotSpirit

Notaichean dha Luchd-deasachaidh

Leanaibh sinn air twitter: @visitscotnews

‘S e VisitScotland buidheann nàiseanta turasachd na h-Alba. ‘S e a phrìomh rùn a bhith a’ cur ri sochair eaconamach na turasachd dha Alba.

Tha trì prìomh dhleastanasan aig a’ bhuidhinn:

1.Alba a mhargaidheachd dha gach pàirt den t-saoghal airson luchd-tadhail a thàladh

2.Fiosrachadh – agus brosnachadh – a thoirt seachad dha luchd-tadhail is daoine a dh’fhaodadh tadhal gus am meal iad an nì as fheàrr bho cuairt a dh’Alba

3.Dearbhadh càileachd a thoirt dha luchd-tadhail agus comhairle inbheachail dhan ghnìomhachas is dha com-pàirtichean airson cuideachadh a thoirt dhan ghnìomhachas gus a bhith a’ coinneachadh is a’ strì ri dhol thairis air na tha luchd-cleachdaidh a’ sùileachadh

Tha VisitScotland ag obair còmhla ri gnothachasan turasachd gus turasachd a dhèanamh soirbheachail dha na h-uile agus gus dèanamh cinnteach gun cùm an gnìomhachas a’ fàs.

Tha a’ bhuidheann a’ toirt cosnadh dha 700 neach agus tha oifisean agus Ionadan Fiosrachaidh VisitScotland aca air feadh Alba.

A rèir sgrùdadh Deloitte a chaidh a dhèanamh o chionn ghoirid, tha gnìomhachas na turasachd a’ cur taic ri 270,000 obair ann an Alba ann an 20,000 gnothachas de chaochladh sheòrsa. Tha an aon sgrùdadh a’ cumail a-mach gu bheil eaconamaidh na turasachd a’ cur £11 billean gach bliadhna (buaidh dhìreach is neo-dhìreach, a’ gabhail a-steach cuairtean latha) agus a’ toirt taic dha mu 10 sa cheud cosnaidhean ann an Alba. Bidh faisg air 16 millean neach-tadhail a’ gabhail cuairtean aon-oidhche a dh’Alba.

Airson fiosan naidheachd VisitScotland rach gu http://www.visitscotland.org/media_centre.aspx, staitistearachdan turasachd agus ceistean a bhithear tric a’ faighneachd rach gu http://www.visitscotland.org/

(Far an tèid iarraidh, agus far a bheil sin nar comas, bruidhnidh neach le Gàidhlig aig agallamh)

Airson fiosrachadh mu shaor-làithean ann an Alba rach gu www.visitscotland.com

Airson fiosrachadh mu thurasachd ghnothachais ann an Alba rach gu www.conventionscotland.com

Eadar obair-aodaich is teicneolas, ailtearachd, fasan agus barrachd, tha 2016 Bliadhna Innleachdais, Ailtearachd is Dealbhaidh, eadar 1 Faoilleach agus 31 Dùbhlachd', a' taisbeanadh feartan, ìomhaighean is ulaidhean na h-Alba. Tha sinn gad fhiathachadh a thighinn a dh'fhaicinn sàr ailtearachd, dealbhadh is innleachdas na h-Alba ann an 2016! #IAD2016

You haven't completed the steps for your Hosted Newsroom

You haven't entered a correct link to your helper.html file for your Hosted Newsroom. Go to Publish and complete the steps.